Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 16: Tiriodh

An t-seachdain sa chaidh, dh’innis mi dhuibh mu sgeulachd – mu nathair gheal - a thathar ag innse fhathast ann an Tiriodh, ann an Earra-Ghaidheal, neo – mar a chanas cuid ris – Tiridhe. Cha robh mi ann an Tiriodh ach aon turas, ach feumaidh mi ràdh gun do chòrd e rium glan. ’S e an samhradh a bh’ann agus bha am machair làn fhlùraichean de gach seòrsa is de gach dath. Ged nach eil beanntan ann, mar a tha ann an cuid mhath de na h-eileanan, tha tràighean ann a tha air leth brèagha. Tha na daoine laghach, agus tha pailteas Gàidhlig ann fhathast. Dè an còrr a dh’iarradh duine?

Ach tha aon rud mu dheidhinn Eilean Thiriodh a dh’fhàg ceist nam cheann airson ùine mhòr. Agus ’s ann dìreach o chionn ghoirid a fhuair mi fuasgladh oirre. Tha mi a-mach air an fhacal a tha sinn a’ cleachdadh, ann an Gàidhlig, airson bruidhinn mu dheidhinn duine a bhuineas do Thiriodh. Nise, canaidh sinn Leòdhasach ri fear a bhuineas do Leòdhas, Uibhisteach ri duine às Uibhist agus Ìleach ri neach às Ìle. Mar an ceudna, ’s e Niseach duine à Nis agus Scalpach duine à Scalpaigh.

Tha an siostam sìmplidh gu leòr, nach eil? Shaoileadh tu, mar sin, gur e “Tiriodhach” a bhiodh againn air duine à Tiriodh. Ach chan e. An àite sin, canaidh sinn “Tiristeach” ris. ’S i a’ cheist a bha nam cheann airson ùine mhòr – “carson?” Uill, shaoileadh tu, nan robh am facal seo a’ leantainn an t-siostaim gur dòcha gu robh ainm eadar-dhealaichte air an eilean fhèin uaireigin – Tirist. Agus cha bhiodh tu fada ceàrr. Ach cha b’ann ann an Gàidhlig a bha e.

Feumaidh mi mìneachadh. O chionn ghoirid thàinig mi tarsainn air an fhuasgladh. Bha mi a’ leughadh leabhar ainmeil a bu chòir a bhith anns a h-uile taigh ann an Alba – The Celtic Placenames of Scotland le Uilleam MacBhàtair. ’S e sgoilear Gàidhlig air leth a bh’ann am MacBhàtair agus innsidh mi tuilleadh dhuibh mu dhèidhinn ann an litir eile. Ach, co-dhiù, thog MacBhàtair an dearbh cheist mu dheidhinn Tiriodh.

Ann am fìor sheann leabhraichean is làmh-sgrìobhaidhean, ann an Gàidhlig agus Beurla, tha e follaiseach gur e “Tiriodh” neo “Tiree”, neo rudeigin car coltach ri sin, a bh’air an eilean airson ùine mhòr mhòr. Anns an darna linn deug (12mh linn), mar eisimpleir, tha e air a litreachadh T-I-R-I-E-T-H ann an làmh-sgrìobhadh Beurla. Anns a’ cheathramh linn deug (14mh) tha e air a litreachadh T-Y-R-I-A-G-E. Chan eil guth air “Tirist” neo càil mar sin.

Ach tha sinn a’ dìochuimhneachadh gu robh sluagh eile ann, o shean, a’ fuireach anns na h-eileanan seo agus gu robh cànan eadar-dhealaichte acasan. Sluagh a dh’fhàg an t-uabhas ainmean-àite air feadh nan eilean. Uill, ’s dòcha gu bheil sinne a’ dìochuimhneachadh sin, ach cha do dhìochuimhnich Uilleam MacBhàtair. Tha mi a’ bruidhinn, mura h-eil fios agaibh mar tha, air na Lochlannaich. Agus a-rèir MhicBhàtair, ann an seann Lochlannais – cànan nan Lochlannach – b’e an t-ainm a bh’aca air an eilean seo – Tyrvist. T-Y-R-V-I-S-T. “Feumaidh,”

tha MacBhàtair ag ràdh anns an leabhar aige, “feumaidh gu bheil am facal a th’againn an-diugh – Tiristeach – airson duine a bhuineas do Thiriodh – a’ tighinn bhon Lochlannais.” Cò chanadh gu bheil e ceàrr?

Ach tha e inntinneach – nach eil – gu bheil an t-ainm airson an eilein a’ tighinn bhon t-seann Ghàidhlig, ach gu bheil an t-ainm air na daoine a bhuineas don eilean a’ tighinn bho chànan nan Lochlannach. Tha e a’ sealltainn cho iomadh-fhillte ’s a tha eachdraidh agus dualchas na h-Alba.

Faclan na seachdaine

Tiriodh/Tiridhe: Tiree; Earra-Ghaidheal: Argyll; pailteas: abundance;Tiristeach: a Tiree man; làmh-sgrìobhadh/làmh-sgrìobhaidean: manuscript/manuscripts;a' dìochuimhneachadh: forgetting; Lochlannach/Lochlannaich: Viking (orScandinavian)/Vikings; iomadh-fhillte: complex, many-faceted; eachdraidh: history;dualchas: heritage.

Abairtean na seachdaine

an t-seachdain sa chaidh: last week; feumaidh mi ràdh gun dochòrd e rium glan: I must say that I enjoyed it immensely; cuid mhath de na h-eileanan: agood proportion of the islands; air leth brèagha: exceptionally beautiful; a bhuineasdo: who belongs to; mar an ceudna: likewise; shaoileadh tu: you would suppose;feumaidh mi mìneachadh: I must explain; thàinig mi tarsainn air: I came across; a buchòir a bhith: which should be; sgoilear Gàidhlig air leth: an exceptional Gaelic scholar;o shean: in olden times; an t-uabhas ainmean-àite: lots of place names; cha dodhìochuimhnich X: X did not forget; seann Lochlannais: old Norse language; cò chanadhgu bheil e ceàrr?: who would say that he is wrong?

Puing ghrĂ mair na seachdaine

an t-seachdain sa chaidh: last week; feumaidh mi ràdh gun dochòrd e rium glan: I must say that I enjoyed it immensely; cuid mhath de na h-eileanan: agood proportion of the islands; air leth brèagha: exceptionally beautiful; a bhuineasdo: who belongs to; mar an ceudna: likewise; shaoileadh tu: you would suppose;feumaidh mi mìneachadh: I must explain; thàinig mi tarsainn air: I came across; a buchòir a bhith: which should be; sgoilear Gàidhlig air leth: an exceptional Gaelic scholar;o shean: in olden times; an t-uabhas ainmean-àite: lots of place names; cha dodhìochuimhnich X: X did not forget; seann Lochlannais: old Norse language; cò chanadhgu bheil e ceàrr?: who would say that he is wrong?

Puing ghrĂ mair na seachdaine

A-rèir MhicBhàtair: according to Watson. You will recall,from the letter a fortnight ago, that compound prepositions like a-rèir command thegenitive case in the following noun. Names of people operate in the same way. MhicBhàtairis the genitive of MacBhàtair. Similarly MhicLeòid is the genitive of MacLeòid. A-rèirMhicLeòid: according to MacLeod. This also works with given names (if in doubt consultthe Gaelic Bible, a copy of which should be on every learners bookshelves. Mata is theGaelic for Matthew but we get An Soisgeul a-rèir Mhata the Gospel according to Matthew a clear use of the genitive). A-rèir Dhòmhnaill: according to Donald (the nominativeis Dòmhnall). Often the genitive of names is used simply to denote possession egLuinneag MhicLeòid (MacLeods song) by the famous Gaelic poetess, Màiri NigheanAlasdair Ruaidh. Sliochd MhicCaluim: MacCallums descendants. Sometimes Mhic isshortened to ic (pronounced ichk); this is particularly so when a genealogy is beinggiven eg Iain mac Aonghais 'ic Ruairidh 'ic Alasdair Bhàin (John son of Angus, son ofRoddy, son of fair-haired Alexander).

GnĂ ths-cainnt na seachdaine

Chan eil guth air: there is no mention of it. Guth commonlymeans voice but has many additional meanings including mention. It is commonlyused in this figure of speech. Cha chuala mi guth air a-riamh: I never heard mentionof it. Q: An do bhuannaich Rangers an-diugh? (did Rangers win today?) A: Cha chualami guth (I never heard). Cha robh guth air a Euro ann an òraid a Phrìomhaire (there wasnothing about the Euro in the Prime Ministers speech).

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast