Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 15: Sgeulachd Ă  Tiriodh

Bha mi a-mach, o chionn trì seachdainnean, air mar is urrainn do chuid de bheathaichean cànan nan daoine a thuigsinn – agus – uaireannan – a bhruidhinn. Uill, tha dòigh eile ann airson coimhead air a’ chùis. ’S dòcha gu bheil e nas fhasa – ma tha sinn airson bruidhinn ri beathaichean – gun ionnsaich sinne an cànan acasan. Ach ciamar a dh’ionnsaicheas duine cànan nan ainmhidhean?

Uill, ’s dòcha le bhith a’ lorg nathair gheal. Co-dhiù, tha sin a-rèir seann sgeulachd a thathar ag innse fhathast ann an Tiriodh. Chan eil fhios agam co-dhiù tha nathraichean ann an Tiriodh an-diugh, neo an robh a-riamh, ach chan eil sin gu diofar. ’S e seo fìor sheann sgeulachd a bh’air innse air feadh na Gàidhealtachd uaireigin.

A-rèir na sgeòil, cò air bith a gheibh nathair gheal agus a nì brot leatha, agus a dh’itheas a feòil, agus a dh’òlas am brot, gheibh e comas còmhradh nan eun agus còmhradh nam beathaichean a thuigsinn. Anns an sgeulachd, tha prionnsa òg ann a tha a’ fulaing air sgàth rìgh beartach sanntach a tha a’ deanamh geur-leanmhainn air an t-sluagh. Latha a bha seo, dh’òrdaich an rìgh don phrionnsa a dhol a lorg nathair gheal dha.

Dh’fhalbh am fear òg agus thug e mìosan mus do lorg e dùthaich far an robh mòran nathraichean. Mu dheireadh thall, ann an sgoltadh domhain ann an creagan, lorg e tè gheal agus chaidh e dhachaigh leatha. Ged a bha am prionnsa uabhasach sgìth nuair a ràinig e lùchairt an rìgh, dh’òrdaich an rìgh dha dhol sìos don chidsin agus am brot-nathrach a dhèanamh ’s a bhad. Bha an rìgh coma ach gum faigheadh e am brot agus feòil na nathrach airson a bhracaist.

Tha sean-fhacal ann a chanas: “Is coma leis an rìgh Eoghain, ach is coma le Eoghain co-dhiù.” Tha fhios againn gu robh an rìgh anns an sgeulachd seo coma mun phrionnsa, ach chan eil e cho cinnteach gu robh am prionnsa a cheart cho coma mun rìgh. ’S dòcha gu robh, ach ’s dòcha gur e dìreach acras, agus am fàileadh math, a thug air am brot agus an fheòil fheuchainn. Agus bha iad cho blasda ’s nach b’urrainn don phrionnsa sgur gus an robh e air a h-uile criomag dhen fheòil ithe, agus a h-uile boinne dhen bhrot òl.

O mo chreach! Mhothaich e don rud a rinn e agus bha an t-eagal air. Bhiodh fearg mhòr air an rìgh. Dh’fhalbh e a-mach agus thuirt e ris fhèin, “Càit’ am faigh mi nathair gheal eile ann an cabhaig?”

Chuala e guth os a chionn. “Chan fhaigh thu an seo co-dhiù,” thuirt an guth.

Choimhead am prionnsa os a chionn agus chunnaic e fitheach ann an craobh. ’S e am fitheach a bha a’ bruidhinn ris, agus thuig e ’s a mhionaid gu robh comas aige còmhradh nan eun agus còmhradh nam beathaichean a thuigsinn.

“Dè am fios a th’agadsa air mo ghnothach?” dh’fhaighnich am prionnsa.

“Tha gu leòr,” ars’ am fitheach, “tha mi-fhìn is mo sheòrsa air a bhith a’ cumail sùil ort. ’S e an duine as fheàrr a choisinn an gliocas. Gabh air falbh bhon àite seo mus tachair cron dhut.”

Agus dh’fhalbh e. Aig deireadh na sgeòil, tha am prionnsa a’ cruinneachadh feachd de bheathaichean agus tha iad a’ fuadachadh an droch rìgh a-mach às an lùchairt aige, agus a-mach às an rìoghachd. Sgeulachd shnog gun teagamh, ach a bheil teachdaireachd innte dhuinn an-diugh? Uill, ’s dòcha gu bheil – ma lorgas tu nathair gheal, bidh an roghainn agad – fios a chur gu Dualchas Nàdair na h-Alba, neo brot a dheanamh dhith. Dè dheanadh sibhse?!

Faclan na seachdainne

nathair gheal: white snake; Tiriodh: Tiree; uaireigin: at onetime; brot: soup; beartach sanntach: rich and greedy; sgoltadh domhain: deep cleft;lĂąchairt: palace; cidsin: kitchen; brot-nathrach: snake soup; 's a bhad: immediately;fĂ ileadh: smell; fitheach: raven; feachd: battle force; a' fuadachadh: expelling;roghainn: choice.

Abairtean na seachdainne

o chionn trì seachdainnean: three weeks ago; gun ionnsaichsinn an cànan acasan: that we will learn their language; a thathar ag innse fhathast:which is still told; a-rèir na sgeòil: according to the story; cò air bith a dh'itheas afeòil: whosoever eats her meat (nathair is feminine); a thug air am brot agus anfheòil fheuchainn: that made him try the soup and meat; bha iad cho blasda 's nachburrainn don phrionnsa sgur: they were so tasty that the prince couldn't stop; mhothaiche don rud a rinn e: he realised what he had done; ann an cabhaig: in a hurry; os achionn: above him; thuig e 's a' mhionaid: he understood immediately; 's e an duine asfheàrr a choisinn an gliocas: it's the best man that earned the wisdom; gabh airfalbhmus tachair cron dhut: get away before harm befalls you; Dualchas Nàdairna h-Alba: Scottish Natural Heritage; neo brot a dhèanamh dhith?: or make soup ofher?; dè dhèanadh sibhse?: what would you do?

Puing ghrĂ mair na seachdainne

Is coma leis an rìgh Eoghain, ach is coma le Eoghainco-dhiù. The king doesn't like Ewen, but Ewen couldnt care less. You might use thisproverb to put down a detractor who has expressed a dim view of you! Coma as anadjective means indifferent, not caring, being disagreeable towards. Q: Dè do bheachdair a Mhillennium Dome? (what is your opinion of the Millennium Dome?) A: Tha micoma mu dheidhinn (I am indifferent to it). Is coma leam e: I dislike it. Coma leat, abhalaich, cha leag thu leas a dhol ann! (never mind, lad, you dont need to go there!).Bha an rìgh coma mun phrionnsa (the king disliked the prince). Chan eil e cinnteachgu robh am prionnsa a cheart cho coma mun rìgh (it is not certain that the princedisliked the king to the same degree). Bha an rìgh coma ach gum faigheadh e am brot(the king was indifferent to everything, except that he should get the soup ie. he hadonly one thing on his mind the soup!)

GnĂ ths-cainnt na seachdainne

O mo chreach! Alas! (lit. Oh, my ruin!) This is acommon expression of woe which can be used both in a serious situation to expresssadness, and also to express surprise or disapproval in light-hearted conversation. IfOor Wullie spoke Gaelic his Help ma Boab! would possibly be O mo chreach!Also frequently heard (with similar meaning) is Mo chreach mhòr! and Mo chreach's a thàinig!

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast