Main content

Coinneach Mac a' Ghobhainn

Seo na freagairtean aig Coinneach Mac a' Ghobhainn

Fact title Fact data
Cò an duine mu dheireadh ris an do bhruidhinn thu air a' fòn?
Bodach à ionad-fòn Sasannach a bha ga mo chuideachadh gus mo phost-d a chur air dòigh –
Dè thuirt e?
Cha d’thuirt cus – ach h-abair gu robh e glugach a’ feuchainn ri m’ainm a ràdh!
Dè bh' anns an teachdaireachd teacsa mu dheireadh a fhuair thu?
Anndra, riochdaire Rapal, ag innse dhomh a bhith “glamoured” up airson dealbh larach-lìn Rapal… gu mi-fhortanach cha chreid mi g’eil leithid de dh’fhacal agam nam fhaclair mar a chithear
Dè an ringtone a th' agad?
‘S e fonn spaideil ris an canar “Samsung Melody”a th’air am fòn agam an-dràsda – cha robh e ach £10 not ann an Tesco – baragan!
Dè an àireamh as fheàrr leat?
7
Nam biodh cothrom agad coinneachadh le duine sam bith - beò no marbh - cò bhiodh ann?
Bu chaomh leam fear dhe na comedians ainmeil sa latha-an-diugh a choinneachadh – can Michael MacIntyre na Kevin Bridges neo cuideigin.
Nan deigheadh film a dhèanamh mu do bheatha, cò an cleasaiche a chluicheadh am pàirt agad fhèin?
‘S mathaid gum biodh aon dhe na “Chuckle Brothers” neo Rowan Atkinson freagarrach
Am bi thu a' seinn sa frasair?
Cha bhiodh uinneagan air fhĂ gail san taigh-beag ma bha!
Dè am film as fheàrr leat?
Leis gur e “anorak” sgriosail a bh’unnam (a th’unnam?) bha Lord of the Rings an-còmhnaidh air agam nuair a bha mi òg – ach an-dràsta ‘s caomh leam “The Dictator” aig Sasha Baron Cohen.
Am bi daoine a' litreachadh d' ainm ceĂ rr
Man as àbhaist, tha an litreachadh ceart gu leòr, ach hòbhan ò ‘s e’n fhuaimneachadh…
Am bi thu a' dol craicte mu ghlainead agus rudan a bhith an òrdugh?
Bu mhòr am beud nach bidh – gu mi-fhortanach ‘s ann mi-sgiobalta a tha m’rùm.
An robh thu a-riamh ann an Ameireagaidh a Deas no Afraga?
Cha robh mi nas fhaide na Menorca sa Spàinn – agus bha sin fhèin teth gu leòr dhòmhsa!
A bheil comas fighe agad?
Chan eil na. Dh’fheuch mi ri toll na mo phòcaid a chàradh trup, agus cha d’rinn mi ach fhighe dùinte…
An urrainn dhut poker a chluich?
An-dràsta sa a-rithist smaoinichidh mi gun urrainn, ach dearbhaidh m’sporran nach urrainn!
Am bi thu a' cur jewellery ort ?
Cha bhithidh na!
Cuin as fheĂ rr leat fras a ghabhail, sa mhadainn no feasgar?
Sa mhadainn, ach gabhaidh mi tè feasgar ma tha mi air a bhith a-muigh.
Cia mheud taigh anns a bheil thu air a bhith fuireach?
DĂ  thaigh, ach 4 flataichean ann an Glaschu (aon gach bliadhna) nuair a bha mi aig an oilthigh.
Na chuir thu a-riamh duine fo na h-amhach?
Cha d’chuir an aon-ghnòthaich...
Dè an cuspair-sgoile nach eil/nach robh a' còrdadh riut?
Bha càil sam bith le matamaigs gam chur dìreach droll. ‘S mi a bha toilichte cuidhteas fhaighinn dhe!
Cia mheud paidhir bhròg a th' agad?
Dà phàidhir a bhios orm gu tric, ach tha iomadh phàidhir eile ann nach d’shad mi às – th’iad a-nise airson a’ mhòine sa bhuntàta!
A bheil clàr no òran Britney Spears agad?
Cha chuir e iongnadh sam bith oirbh nach eil.
Na chuir thu a-riamh a-mach air beulaibh dhaoine?
Cha chan mi cĂ il mus can mi cus.
Dè an soidhne Zodiac a th' agad?
Capricorn
Dè an dath as fheàrr leat?
Gorm
Cia mheud uaireadair a th' agad?
Aon – tha e air a bhith a’ dèanamh joba math
Dè a' chiad pheata a bh' agad?
Buidsidh beag – “Sonic” a bh’air – a bh’agam son ceala-deug mus do dh’fhàg cuideigin an uinneag fosgailte.
Dè am biadh as fheàrr leat son bracaist?
Bracaist slàn air bòrd soitheach CalMac!
Cuin a thuit thu mu dheireadh?
Aon thrup sa gheamhradh nuair a bha mi a’ coiseachd dhachaigh a dh’Anniesland ann an Glaschu – rinn mi car-a-mhuiltein san èadhar agus rinn na messages a bh’agam car-a-mhuiltein cuideachd!
A bheil thu a-riamh air "mum " a ghabhail air do thidsear?
Cho fad is ‘s aithne dhomh cha tug.
A bheil far-ainm ort?
Bha “Mohammed” orm son draoiseag sa sgoil nuair nach gabhadh m’ainm a thomhais aig dithis à Steòrnabhagh – ach chan eil e buileach “pc” an-diugh.
An toigh leat do ghruag/d' fhalt?
Ged a tha e a’ coimhead caran coltach ri na gruagan a bh’aig na hobbits ann an Lord of the Rings, thiud, tha e a’ dèanamh a’ chùis!