
Thigibh còmhla ri Essie Stiùbhart
's i a' gabhail cuairt dhachaigh, còrr is còig cheud mìle
tro ghlinn, srathan agus mu chuairt chladaichean Chataibh.
B' e na Stiùbhartaich aon de na
teaghlaichean mu dheireadh a chaidh air an rathad mar luchd-siubhail,
no ceà rdan mar a chanadh cuid, gach samhradh. Is là idir
na bannan a thog iad air an t-slighe, 's iad air am pasgadh gu dlùth
ann an cà irdeas muinntir an à ite agus air am bogadh ann
an cultar là idir Gà idhealach.
Tha an cultar agus an dòigh-beatha
sin a-nis air a dhol às an t-sealladh, ach gu fortanach, chan eil
na sgeulachdan no na cuimhneachain.
An seo, cluinnear agus chithear Essie a'
ruith air an t-saoghal, air a' bheatha agus air cuid de na daoine air
an robh iad eòlach ann an Cataibh.
Brùth air a' mhapa agus gabh cuairt
na cuideachd.


Leugh mu dheidhinn Essie
Stiùbhart, sgeulaiche a bhuineas don luchd-siubhail a chleachd
a bhith a' coiseachd srathan Chataibh gach samhradh.