Episode details

Available for 15 days
Anns an t-seirbhies cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas: Clair a' seinn Salm 19 Seinneamaid Còmhla le Tha 'n Cruthachadh mar Ã’ran Dhè Anna Catrìona NicDhòmhnaill a' seinn Is Tusa Facail Dhè an t-Athair Donaidh M MacLeòid a' seinn Cia Domhainn Grà dh an Athar dhuinn Leughadh: Romanaich 1: 16-26 Rugadh Agnes NicFhearghais-Mitchell ann an Leòdhas far an robh a h-athair, an t-Urr Iain Fearghasdan, na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba ann an Nis. Ghluais an teaghlach an uair sin gu Port Rìgh nuair a chaidh a h-athair os cionn coitheanal Eaglais na h-Alba ann an sin. Nuair a bha Agnes deiseil anns an sgoil, chaidh i gu Colaiste a’ Bhìobaill aig a' Faith Mission ann an Dùn Èideann far an d’ fhuair i ceum ann an Diadhaireachd. Phòs i Daibhidh Mitchell, Canèidianach a bh' anns a' Cholaiste còmhla rithe. Ghluais Agnes a Chanada far an robh i an sà s ann an obair soisgeulach cuide ri Youth For Christ ann a Vancouver agus bha Daibhidh, an duine aice, na mhinistear anns an Eaglais Chongregational bho 2002-2015. Thill iad air ais a dh’Alba far a bheil Daibhidh na mhinistear san Eaglais Abstolach ann an Cathar-Challdainn agus tha Agnes a’ toirt taic dha. Tha ceathrar chloinne aca agus bha Agnes fhèin gan oideachadh aig an taigh. Tha Agnes air seirbheisean ³Òà ¾±»å³ó±ô¾±²µ air-loidhne a chlà radh airson Coitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Glaschu. Tha i cuideachd air a bhith na dealbhadair phroifeasanta.
Programme Website