còmhla ri Agnes NicFhearghais-Mitchell
Seirbheis còmhla ri Agnes NicFhearghais-Mitchell bhon Eaglais Abstolach. Gaelic religious service with Agnes Ferguson-Mitchell from the Apostolic Church.
Anns an t-seirbhies cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
Clair a' seinn Salm 19
Seinneamaid Còmhla le Tha 'n Cruthachadh mar Òran Dhè
Anna Catrìona NicDhòmhnaill a' seinn Is Tusa Facail Dhè an t-Athair
Donaidh M MacLeòid a' seinn Cia Domhainn Grà dh an Athar dhuinn
Leughadh: Romanaich 1: 16-26
Rugadh Agnes NicFhearghais-Mitchell ann an Leòdhas far an robh a h-athair, an t-Urr Iain Fearghasdan, na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba ann an Nis. Ghluais an teaghlach an uair sin gu Port Rìgh nuair a chaidh a h-athair os cionn coitheanal Eaglais na h-Alba ann an sin. Nuair a bha Agnes deiseil anns an sgoil, chaidh i gu Colaiste a’ Bhìobaill aig a' Faith Mission ann an Dùn Èideann far an d’ fhuair i ceum ann an Diadhaireachd. Phòs i Daibhidh Mitchell, Canèidianach a bh' anns a' Cholaiste còmhla rithe.
Ghluais Agnes a Chanada far an robh i an sàs ann an obair soisgeulach cuide ri Youth For Christ ann a Vancouver agus bha Daibhidh, an duine aice, na mhinistear anns an Eaglais Chongregational bho 2002-2015. Thill iad air ais a dh’Alba far a bheil Daibhidh na mhinistear san Eaglais Abstolach ann an Cathar-Challdainn agus tha Agnes a’ toirt taic dha. Tha ceathrar chloinne aca agus bha Agnes fhèin gan oideachadh aig an taigh.
Tha Agnes air seirbheisean Gà idhlig air-loidhne a chlà radh airson Coitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Glaschu. Tha i cuideachd air a bhith na dealbhadair phroifeasanta.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Sun 19 Oct 2025 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 19 Oct 2025 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal