Main content

còmhla ris an Urr Dòmhnall Iain Moireasdan

Còmhla ris an Urr Dòmhnall I Moireasdan, ministear-cuideachaidh Eaglais na h-Alba air an Tairbeart. Service with Rev D J Morrison, Assistant Minister, Tarbert Church of Scotland.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 116: 1-2 air fonn St David agus 's e Dòmhnall Iain Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Free North ann an Inbhir Nis.
Salm 57: 1 air fonn Martyrdom agus 's e Seonaidh MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh.
Salm 106: 4-5 air fonn Glencairn agus 's e Calum MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.

Leughadh: Mata 26: 30-46

Tha Mgr Moireasdan a' fuireach ann an Caolas Sgalpaigh anns na Hearadh, agus tha e air a bhith na mhinistear-cuideachaidh ann an coitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart bho 2001. Thug e a-mach an dreuchd sin an dèidh dha a dhreuchd mar mhaighstir-sgoile a leigeil dheth ann an 1996, a' mhòr-chuid dheth mar Cheannard air Sgoil Sgalpaigh. Ged a tha e a-nis air a dhreuchd a leigeil dheth gu h-oifigeil bhon mhinistrealachd, tha e fhathast a’ gabhail sheirbhisean ann an coitheanal an Tairbeirt agus ann an àite sam bith far a bheil feum air.

22 days left to listen

30 minutes

Last on

Last Sunday 15:00

Broadcasts

  • Last Sunday 09:00
  • Last Sunday 15:00