Episode details

Radio nan GÃ idheal,26 Oct 2025,30 mins
còmhla ris an Urr Dòmhnall Iain Moireasdan
Dèanamaid AdhradhAvailable for 22 days
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas: Salm 116: 1-2 air fonn St David agus 's e Dòmhnall Iain Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Free North ann an Inbhir Nis. Salm 57: 1 air fonn Martyrdom agus 's e Seonaidh MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh. Salm 106: 4-5 air fonn Glencairn agus 's e Calum MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart. Leughadh: Mata 26: 30-46 Tha Mgr Moireasdan a' fuireach ann an Caolas Sgalpaigh anns na Hearadh, agus tha e air a bhith na mhinistear-cuideachaidh ann an coitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart bho 2001. Thug e a-mach an dreuchd sin an dèidh dha a dhreuchd mar mhaighstir-sgoile a leigeil dheth ann an 1996, a' mhòr-chuid dheth mar Cheannard air Sgoil Sgalpaigh. Ged a tha e a-nis air a dhreuchd a leigeil dheth gu h-oifigeil bhon mhinistrealachd, tha e fhathast a’ gabhail sheirbhisean ann an coitheanal an Tairbeirt agus ann an à ite sam bith far a bheil feum air.
Programme Website