Episode details

Available for 35 days
Aig toiseach na bliadhna bha sinn a' comharrachadh ceud bliadhna bha rugadh Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhà in a' Mhullaich - sà r chraoladair, sgoilear eachdraidh agus canà in, bà rd agus, as cionn a h-uile cà il tha sin, fear de mhuinntir Sholais, an Uibhist a Tuath. A seo tha sinn a' toirt thugaibh sreath phrògraman a rinn e trà th ann an 1987 agus e a' dol dhan tasglann aig Roinn na ³Òà ¾±»å³ó±ô¾±²µ aig a' BhBC agus a' taghadh neamhnaidean prìseil à s. A seo 's ann air Beinn a' Bhadhla agus Uibhist a Deas a tha e a' tadhal. Aig toiseach cùis cluinnidh sinn Bill Innes 's e a' tighinn a-steach a Bharraigh le plèana. Tha Mòr Chaimbeul à Frobost ann an còmhradh ri Eoghainn Mac a' Phì ann an 1960 's i ag innse mar a dh'fhalbh i air mhuinntearas aig aois 20 bliadhna, timcheall air 1888. Gheibh sinn sgeulachd Àirigh na h-Aon Oidhch' bho Phà draig MacCarmaig à Thà cleit am Beinn a' Bhadhla agus eachdraidh an òrain, Thà inig Maor na mo Dhà n, agus agus an t-òran air sheinn le Aonghas Iain Mac a' Mhaoilein à s an ÃŒochdair. Agus tha pà irt de Dhuan na Muilcheartaich aig Aonghas MacIllFhialain à Airigh a' Mhuilleann. Cluinnidh sinn cuideachd 'Dè nì mi gun Lèine Ghlan' aig Iain Pheadair agus Iain Ruadh Phà draig, 'Pìobaireachd Dhòmhnaill Duibh' air a sheinn le Alasdair Boidhd agus Seonaidh Roidein a' cluich Under The Bridges of Paris air a' phìob.
Programme Website