Episode details

Available for over a year
Thèid am podcast seo an cois sreath de phrògraman air ÃÛÑ¿´«Ã½ ALBA air a bheil Dà na | Scotland’s Wild Side. Anns na clà raidhean seo, tha an stiùiriche Hamish Macleòid agus am preasantair dà na Coinneach MacFhraing a’ bruidhinn mu dheidhinn gach earrann, na h-à iteachan agus na dùbhlain air an tà inig iad tarsainn. Ged nach eil Eilean Leòdhais aithnichte airson a chuid bheanntan, tha e a’ tabhainn mathagan sgorrach dhan an fheadhainn Dà na a tha deònach a dhol a dh’ionnsaigh na h-Eileanan A-Muigh. Anns an earrann seo, tha Coinneach agus Hamish a’ meòrachadh air an turas a ghabh iad air slèibhtean Ùig ann an Eilean Leòdhais, a’ dol an sà s ann a sgeir fhada, chas à rd os cionn na mara agus mar a bha iad a’ cothachadh an aghaidh droch shìde nan Eilean Siar. Cluinnear mar a thà inig orra an cuid plà naichean atharrachadh an deis meadhan gnothach ri linn creagan a bha gu math sleamhainn agus cunnartach. Tha na sreapadairean dealasach seo ag obair uamhasach fhèin math còmhla agus tha an cà irdeas seo a’ tighinn tarsainn ann a dòigh a tha saorsnail, ionnsaichte agus èibhinn aig amannan cuideachd.
Programme Website