Canada
Fred MacAmhlaigh a' tarraing à tobar an dualchais an tasglann a' BhBC ann an 1987. Fred MacAulay explores the rich folklore recorded by the ÃÛÑ¿´«Ã½ in the islands and Canada in 1987.
Aig toiseach na bliadhna bha sinn a' comharrachadh ceud bliadhna bha rugadh Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhà in a' Mhullaich - sà r chraoladair, sgoilear eachdraidh agus canà in, bà rd agus, as cionn a h-uile cà il tha sin, fear de mhuinntir Sholais, an Uibhist a Tuath.
A seo tha sinn a' toirt thugaibh sreath phrògraman a rinn e trà th ann an 1987 agus e a' dol dhan tasglann aig Roinn na Gà idhlig aig a' BhBC agus a' taghadh neamhnaidean prìseil à s. A seo 's ann air Canada a tha e a' tadhal.
Ann am Montreal choinnich Fred ri Mairi Anna Mhoireasdan a bha air Geocrab sna Hearadh fhà gail ann an 1887 aig aois 12. Bha i a' teannadh air 100 bliadhna nuair a dh' innis i dha mar a bha i eòlach air a' Mhegantic Outlaw, Dòmhnall Moireasdan à Leòdhas.
Bha Aonghas Robasdan, às a Bhaile Shear an Uibhist a Tuath, air a bhith ann a Vancouver fad 58 bliadhna nuair a choinnich Fred ris ann an 1970 agus a' Ghà idhlig aige air meirgeadh le cion a' chleachdaidh.
Chaidh Eoghainn MacAonghais à Baile Chaolais a-null a Vancouver ann an 1907 a dh' obair aig compnaiadh dealain agus thog e a theaghlach sa bhaile. Bha e còrr air 80 nuair a choinnich Fred ris.
Gheibh sinn cuideachd òran teaghlaich, Saighdear Chaluim Bà in, bho Dhonalda NicIllEathain à Leòdhas agus port air a' bhucas bho Sheonaidh Dòmhnallach às a' Rubha ann an Toronto, a bharrachd air An t-Eilean Muileach bho Chòisir Ghà idhlig Vancouver.
Last on
Broadcasts
- Mon 20 Oct 2025 15:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 22 Oct 2025 20:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Last Sunday 10:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal