Eilean Sgalpaigh
Fred MacAmhlaigh a' tarraing à tobar an dualchais an tasglann a' BhBC ann an 1987. Fred MacAulay explores the rich folklore recorded by the ÃÛÑ¿´«Ã½ in the islands and Canada in 1987.
Aig toiseach na bliadhna bha sinn a' comharrachadh ceud bliadhna bha rugadh Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhà in a' Mhullaich - sà r chraoladair, sgoilear eachdraidh agus canà in, bà rd agus, as cionn a h-uile cà il tha sin, fear de mhuinntir Sholais, an Uibhist a Tuath.
A seo tha sinn a' toirt thugaibh sreath phrògraman a rinn e aig toiseach 1987 agus e a' dol dhan tasglann aig Roinn na Gà idhlig aig a' BhBC agus a' taghadh neamhnaidean prìseil à s. A seo tha e a' tadhal air Eilean Sgalpaigh.
Cluinnidh sinn bho Mhurchadh Moireasdan mun chiad sgoil ann a Sgalpaigh agus bho Chalum Moireasdan mu Chnoc nan Saighdearan.
Innsidh Murchadh cuideachd mar a thà inig na Pabaich a Sgalpaigh agus Tormod Moireasdan, sgiobair an Scalpay Isle, sgeulachd an iasgaich aig toiseach na 20mh linn.
Tha còmhradh aig Fred le Catrìona Mhoireasdan agus Murchadh Moireasdan mu chleachdaidhean aig bainnsean agus iad air banais mac Catrìona, Tormod.
Agus tha sgeulachd mu mhanadh aig Murchadh Moireasdan ann a Lurgainn an Duine Mhairbh.
Cluinnidh sinn cuideachd Ã’ran a Scalpay Isle agus Ã’ran a' Choilich.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Last Monday 15:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wednesday 20:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Yesterday 10:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal