³¢±ðò»å³ó²¹²õ
Fred MacAmhlaigh a' tarraing à tobar an dualchais an tasglann a' BhBC ann an 1987. Fred MacAulay explores the rich folklore recorded by the ÃÛÑ¿´«Ã½ in the islands and Canada in 1987.
Aig toiseach na bliadhna bha sinn a' comharrachadh ceud bliadhna bha rugadh Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhà in a' Mhullaich - sà r chraoladair, sgoilear eachdraidh agus canà in, bà rd agus, as cionn a h-uile cà il tha sin, fear de mhuinntir Sholais, an Uibhist a Tuath.
A seo tha sinn a' toirt thugaibh sreath phrògraman a rinn e trà th ann an 1987 agus e a' dol dhan tasglann aig Roinn na Gà idhlig aig a' BhBC agus a' taghadh neamhnaidean prìseil à s. A seo 's ann air ³¢±ðò»å³ó²¹²õ a tha am prosbaig.
Tha òran luaidh aige a chaidh a chlà radh ann an 1937, còmhradh le Iain A MacLeòid à Siabost a bha na mha'-sgoile agus a fhuair crùn na bà rdachd aig a' Mhod ann an 1946, agus 'Cuairt an Tìr Chèin' air aithris leis a' bhà rd, Bà rd Bhrà dhagair, Pà draig Caimbeul. Tha Murchadh MacIllEathain a' seinn òran eile le Pà draig, Sheòl mi 'n-uiridh.
Tha Ciorstaidh Lynn ag innse mu thachartas air leth annasach ann am baile Tholastaidh a' Chaolais ann an 1937.
Agus tha Dòmhnall MacPhà il à Siabost le a chuimhne fhèin, is e na bhalach, air call na h-Iolaire, là na Bliadhn' Ùire, 1919.
On radio
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Monday 15:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Next Wednesday 20:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 16 Nov 2025 10:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal