
16/12/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 337
Duration: 05:22
Litir 337: An t-Urr Tormod MacLeòid
Chuir Tormod MacLeòid roimhe gluasad gu Astrà ilia. Bha cuid anns a’ choimhearsnachd timcheall air Baile Anna ann an Eilean Cheap Bhreatainn mì-chinnteach mu dheidhinn. Bha Astrà ilia fad air falbh. Ach bha feadhainn eile dhen bheachd gum b’ e Astrà ilia an t-aon à ite a chumadh a’ choimhearsnachd ri chèile. Mura falbhadh iad uile còmhla, bhiodh cuid a’ falbh leotha fhèin, mean air mhean, gu beatha ùr ann an Canada no anns Na Stà itean Aonaichte.
Bha dithis deònach togail luinge a mhaoineachadh. B’ iad Iain Friseal, a bhuineadh do dh’Alba Nuadh agus Iain MacAoidh, a rugadh ann an Alba. Chuireadh druim na luinge sìos faisg air eaglais Thormoid, agus thòisich an obair-togail. B’ iad an dithis a bha os cionn a’ phròiseict Niall agus Ruairidh MacGriogair. ’S e luchd-togail bhà taichean a bh’ annta le chèile. Chaidh an soitheach ainmeachadh am Margaret. Bha sin às dèidh nighean aig Tormod MacLeòid.
Chaidh dà rna bà ta a thogail cuideachd – an Highland Lass. Chaidh an obair-togail a chrìochnachadh ach cha robh airgead ann airson siùil no sgòdan a cheannach. Bha taigh is fearann Thormoid air a bhith air a’ mhargaidh airson bliadhna agus, fhathast, cha robh duine ann a bha deònach an ceannach. Mura faigheadh a’ choimhearsnachd an t-airgead sin, cha bhiodh comas aca seòladh gu Astrà ilia.
Bhiodh iad ag ùrnaigh còmhla gu tric. Thuirt Tormod gun tigeadh an t-airgead tro ùrnaigh. Bha e deimhinne à freastal Dhè. As t-earrach thà inig fear leis an airgead agus cheannaich e taigh is fearann Thormoid. Bha an t-airgead aca mu dheireadh thall, agus cheannaich iad na siùil is na sgòdan a bha a dhìth orra.
Bha Margaret, no Mairead, NicLeòid, nighean Thormoid, a-nise fichead ’s a dhà bliadhna a dh’aois. As t-fhoghar ochd ceud deug is leth-cheud (1850) thà inig long a-steach a phort Bhaile Anna airson fiodh a thogail. Bha i a-mach à Obar Dheathain ann an Alba. Ach thà inig an reothadh trà th sa bhliadhna sin. Cha d’ fhuair an long a-mach às a’ bhà gh a-rithist air sà illeabh deigh. Bha an caiptean is an criutha gu bhith ann fad a’ gheamhraidh.
Am measg na bh’ air bòrd, bha fear òg à Obar Dheathain, Ùisdean MacAnndrais. Ghabh e fhèin is Mairead NicLeòid gaol air a chèile. ’S e an duilgheadas a bh’ ann gu robh Mairead a’ dèanamh deiseil airson falbh a dh’Astrà ilia. Tha e coltach gu robh iad airson pòsadh ach bha iad dhen bheachd nach toireadh Tormod cead dhaibh. Cha bhiodh e airson ’s gum falbhadh a nighean a dh’Obar Dheathain, agus e fhèin is cà ch a’ gluasad gu Astrà ilia.
Nuair a bha an deigh a’ tòiseachadh air tanachadh, chaidh Ùisdean à fianais. Rinn an criutha, agus muinntir an à ite, rannsachadh mòr air a shon. Cha robh sgeul air. Mu dheireadh, bhris an deigh, agus b’ fheudar don t-soitheach tilleadh a dh’Obar Dheathain. Nuair a thill iad a dh’Alba, dh’innis an caiptean an droch naidheachd do phà rantan Ùisdein. Bha e a’ smaoineachadh gu robh an gille air tuiteam tron deigh agus gu robh e marbh.
Ach chan ann mar sin a bha e. Le taic bho Mhairead agus caraid no dhà aice, bha Ùisdean air a bhith am falach ann am bothan. Bha feadhainn a’ toirt biadh dha gun fhiosta do chà ch. Nuair a bha an soitheach Albannach beagan là ithean aig muir, nochd Ùisdean a-rithist. Fhuair e obair air bòrd an t-soithich a bha a’ dol a dhol a dh’Astrà ilia. Agus, dà bhliadhna às dèidh sin, phòs e fhèin is Mairead aig ceann thall an t-saoghail.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
GnĂ ths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.