
09/12/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 336
Duration: 05:24
Litir 336: An t-Urramach Tormod MacLeòid
Anns a’ MhĂ rt ochd ceud deug, ceathrad ’s a h-ochd (1848), chuir feadhainn ann am Baile Anna ann an Ceap Breatainn, agus an sgìre mun cuairt air, athchuinge gu Sir John Harvey, Iar-riaghladair Alba Nuaidh. Bha iad ag iarraidh taic bhon riaghaltas. Cha robh cĂąisean a’ dol gu math dhaibh. Bha iad gann de bhiadh agus gann de shìol. Dh’iarr iad air an iar-riaghladair min-arbhair-Innseanaich a chur thuca, agus sìol coirce. Â
Seo pĂ irt de litir a chaidh a sgrìobhadh anns a’ Chape Breton Spectator: “Chan eil sìol de sheòrsa sam bith aig barrachd na aon duine Ă s gach còig ceud. Mura faighear grèim air sìol, ann an dòigh air choreigin, bidh e cinnteach gum bi gort mhòr ann san ath gheamhradh. Chan e a-mhĂ in gun deach an sìol a chleachdadh airson daoine a chumail beò ach gun deach an crodh is na laoigh a spadadh air an dearbh adhbhar. Â
“Tha mòran a-nise Ă s aonais an dĂ chuid, crodh is caoraich, agus Ă s aonais sìol no biadh; mar sin tha e cinnteach, mura tèid rudeigin a dhèanamh gu luath, gum faigh feadhainn bĂ s le cion a’ bhìdh… Carson nach toirear airgead bho na daoine a th’ air tuarastal mòr is a chuireas aodach purpaidh spaideil orra is a ghabhas biadh mòr, agus iad beò air saothair nan daoine bochda…? Tha mòran aig a bheil bathar a’ beachdachadh air a bhith a’ falbh chun nan StĂ itean [Aonaichte] as t-fhoghar gus nach caill iad na th’ aca don fheadhainn acrach.”Â
Tuigidh sibh gu robh a’ chĂąis èiginneach. Chan e sin a-mhĂ in ach an do mhothaich sibh dè a’ bhliadhna a bh’ ann? Ochd ceud deug, ceathrad ’s a h-ochd (1848). Sgrìobh Tormod MacLeòid do charaid gu robh gaiseadh a’ bhuntĂ ta ann agus gu robh sin a’ toirt droch bhuaidh air daoine thall ’s a-bhos. Chunnaic e, mar a bhiodh dĂąil, lĂ mh an Tighearna anns a’ ghnothach.Â
Bha beagan dòchais ann do chuid, ge-tĂ , an cois obair Iain Rothaich. Bha esan a’ reic fiodha bho na coilltean. Bha an luchd-obrach aige a’ faighinn tuarastal math. Tha e coltach gu robh e deònach fiodh a cheannach bho dhaoine. Bha sin air airgead a chur nam pòcaidean. Ach chuir Tormod MacLeòid stad air sin. Dh’iarr Tormod air muinntir an Ă ite sgur a bhith a’ dèiligeadh ri Iain Rothach. Carson? Uill, bha Tormod dhen bheachd gu robh an Rothach air a bhith ri cĂąl-mhĂątaireachd. Bha e, a rèir Thormoid, a’ toirt branndaidh a-steach gu mì-laghail. ’S e peacadh a bha sin agus, eadhon ged a bha an sluagh acrach, dh’iarr Tormod orra gun a dhol faisg air bĂąth an Rothaich.Â
Mun Ă m sin, nuair a bha a’ ghort aig a h-Ă ird fhuair Tormod litir agus parsail Ă AstrĂ ilia. ’S ann bho mhac, Dòmhnall, a bha iad. Bha Dòmhnall air a dhol a dh’fhuireach ann an AstrĂ ilia, far an robh e na dheasaiche air pĂ ipear-naidheachd. Chuir e grunn lethbhreacan dhen phĂ ipear an cois a’ pharsail. Leugh Tormod iad, agus thog iad aire. Bha an talamh math is bha an aimsir math. Thòisich mòran dhen daoine òga ann an Ceap Breatainn air beachdachadh air a dhol a dh’AstrĂ ilia. Â
Ach bha Tormod seasgad ’s a h-ochd bliadhna a dh’aois. Bha a’ bhean, MĂ iri, nach robh a’ cumail gu math, còrr is seasgad. Aig aois mar sin, an robh iadsan dha-rìribh deiseil gus falbh thar a’ chuain aon turas eile? Chì sinn de rinn iad an ath-sheachdain.Â
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach: Bha sin air airgead a chur nam pòcaidean: that would have put money in their pockets. Bha here is actually (as the English translation tells you) a conditional form of the verb “to be”. I might have said “bhiodh sin air airgead a chur...” Note that bha, which you will know well from simple sentences like bha mi sgìth and nuair a bha mi òg, can also occur in the conditional, although it is uncommon in some places. Other examples: bha Iain air a bhith pòsta fichead bliadhna an-diugh fhèin, ach gun do chaochail e an-uiridh (John would have been married twenty years today, except that he died last year); bha an t-each sin air buannachadh nan robh marcaiche na b’ fheĂ rr air a bhith air (that horse would have won had it had a better jockey). Note in the latter example that bha might be replaced by bhiodh and nan robh by nam biodh.Â
GnĂ ths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.