
02/12/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 335
Duration: 05:42
Litir 335: An t-Urramach Tormod MacLeòid
Cha ghabhadh Tormod MacLeòid airgead bhon t-sluagh airson an cuid cloinne a theagasg anns an sgoil. Chan e tuarastal an eich a fhuair e na bu mhò. ’S e an duais a fhuair e obair. Bhiodh na fir aig an robh clann san sgoil a’ dèanamh obair do Thormod air an lot aige. Carson a bha sin? Carson nach robh Tormod ag iarraidh airgead bho na daoine? Tha cuid dhen bheachd gur e as coireach gu robh Tormod airson a bhith os cionn chà ich. Bha e airson a bhith na cheannard dhaibh. Nam faigheadh e airgead bhuapa bhiodh e coltach ri searbhant. Ach le bhith a’ toirt orra obair a dhèanamh air an fhearann aige, b’ esan am maighstir.
Co-dhiù tha sin fìor gus nach eil, tha mòran dhen bheachd gun tug Tormod buaidh mhath air suidheachadh na Gà idhlig anns an sgìre. Le bhith a’ teagasg anns a’ chà nan, thug e bonn-stèidh dhi nach robh air a bhith aice nan robh a’ chlann a’ faighinn foghlam ann am Beurla. Uaireannan bhiodh clann a’ dol dhachaigh bhon sgoil aige is a’ leughadh a’ Bhìobaill Ghà idhlig do phà rantan aig nach robh comas leughaidh. Cha robh Gà idheil na sgìre a’ coimhead air a’ Ghà idhlig mar rud suarach, ach mar rud urramach.
Bha Tormod gu mòr airson Là na Sà baid a chumail mar là adhraidh. Cha robh obair sam bith air a dèanamh air an là sin agus duine sam bith a rachadh an aghaidh nan riaghailtean aige, bhiodh iad air an cà ineadh gu dubh bhon chùbaid. Agus, a-rithist, mar mhinistear cha ghabhadh e airgead sam bith bhon choitheanal. Bhiodh na fir a’ dèanamh obair dha. Am measg na rinn iad dha, thog iad eaglais.
A rèir beul-aithris thachair rudeigin annasach a chuir cliù Thormoid fo sgleò. Bha fear a bha seo a’ coiseachd a dh’ionnsaigh an à ite-obrach aige. Air an rathad thachair e ri ceannaiche. Cheannaich e rudan bhon cheannaiche ach cha robh airgead aige. Bha an t-airgead anns an taigh ann an sporan ann an ciste. Chaidh an dithis air ais don taigh. Thug an duine an sporan a-mach às a’ chiste agus phà igh e an ceannaiche. Chuir e an sporan air ais agus dh’fhalbh an dithis sìos an rathad.
Às dèidh greis, dhealaich iad bho chèile. Nuair a thill an duine dhachaigh feasgar cha robh sgeul air an sporan. Bha cuideigin air a ghoid. ’S e balach a bha a’ fuireach an ath dhoras a chaidh a choireachadh. Chaidh a chruaidh cheasnachadh agus chaidh iarraidh air aideachadh gum b’ esan a ghoid an sporan. Thuirt e, ge-tà , uair is uair, nach robh gnothach sam bith aige ris a’ mhèirle.
Mu dheireadh, thuirt na fir a bha ga cheasnachadh gum biodh e air a ghlasadh anns a’ chladh airson na h-oidhche. Bha an t-eagal mòr air roimhe sin, agus thuirt e gur esan dha-rìreabh a ghoid an sporan. Thug Tormod MacLeòid binn seachad – binn chruaidh. Bhiodh pà irt de chluas a’ bhalaich air a ghearradh dheth. Chaidh sin a dhèanamh sa spot. Ghabh mòran anns a’ choimhearsnachd an t-uabhas nuair a chuala iad mu dheidhinn.
Seachdain às dèidh sin, ge-tà , thuirt cuideigin gum fac’ e an ceannaiche a’ dol tro uinneag an taighe air an là a chaidh an sporan a ghoid. Dh’aidich an ceannaiche gun do thill e don taigh feasgar is gun do ghoid e an sporan.
Thuirt fear-lagha ann an Suidni gum biodh e deònach Tormod a thoirt gu lagh airson na rinn e, ach dhiùlt athair a’ bhalaich sin a dhèanamh. Bhiodh sin, thuirt e, a rèir aithris, a’ dol an aghaidh Dhè.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
GnĂ ths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.