Episode details

Available for over a year
Thèid am podcast seo an cois sreath de phrògraman air ÃÛÑ¿´«Ã½ ALBA air a bheil Dà na | Scotland’s Wild Side. Anns na clà raidhean seo, tha an stiùiriche Hamish Macleòid agus am preasantair dà na Coinneach MacFhraing a’ bruidhinn mu dheidhinn gach earrann, na h-à iteachan agus na dùbhlain air an tà inig iad tarsainn. Anns a' chiad earrann, tha Coinneach a’ siubhal gu ruige Gleann Nibheis agus tha e a’ dol a’ chuir roimhe sgeir air a bheil ‘Storm’ a shreap. Tha ‘Storm’ air a fùcadh am meadhan Poll Dubh, fear dhe na h-à iteachan is ainmeil ann an saoghal sreap. Bidh e mar fhiachaibh air na sgilean a dh’ionnsaich e thar nam bliadhnaichean a chuir gu feum agus cuideachadh fhaighinn bho dheagh charaid. Tha Hamish agus Coinneach a’ bruidhinn gu fosgailte mu dheidhinn cho doirbh ‘s a bha e a bhith a’ fiolmadh air na creagan agus cuideachd cho fìor fhada ‘s a bha iad a’ clà radh a h-uile rud. Tha na sreapadairean dealasach seo ag obair uamhasach fhèin math còmhla agus tha an cà irdeas seo a’ tighinn tarsainn ann a dòigh a tha saorsnail, ionnsaichte agus èibhinn aig amannan cuideachd.
Programme Website