Declan Gallagher na Staggie
Tha Ross County air an sguad aca a neartachadh is Declan Gallagher air tighinn a-steach bho Dundee United.

Chuir am fear-dìon, 34, ainm ri cùmhnant bliadhna ann an Inbhir Pheofharain.
Bha Gallagher dà bhliadhna aig Tannadice is bha e ron sin còmhla ri St Mirren, Obar Dheathain is Tobar na Màthar am measg eile.
Chluich e cuideachd naoi tursan do dh'Alba eadar 2019 is 2021.
"Tha sinn air ar dòigh Declan a thoirt dhan chluba," thuirt manaidser Chounty, Don Cowie.
"Tha grunnan chluicheadairean air falbh agus 's e seo a' chiad cheum ann a bhith a' dèanamh ath-thogail air an sguad.
"Tha eòlas farsaing aig Declan is bhuannaich e an Championship roimhe le Dundee United, is 's e sin an t-amas a th' againn airson an t-seusain ùir."
Tha sreath de chluicheadairean air Ross County fhàgail bho thuit iad a-mach às a' Phrìomh Lìog air a' mhìos seo chaidh.
A thuilleadh air sin dh'fhàg Carl Tremarco is Pòl Cowie an sgioba choidsidh le Iain Robasdan a' tilleadh dhan chluba mar leas-mhanaidsear.