Main content

BSGI air Cuach na Cloinne a bhuannachadh

Bhuannaich Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis Cuach na Cloinne 2025.

Rinn BSGI an gnothach air an Rubha sa chuairt dheireannaich ann an Inbhir Nis Diciadain.

Chrìochnaich an geama 3-1 às dèidh ùine a bharrachd.

'S iad Sgoil Bhaile a' Mhanaich, Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abar, Bun-sgoil an Àth Leathainn is Bun-sgoil Ghàidhlig Bhaile a' Ghobhainn na sgiobaidhean eile a bha a' farpais Diciadain is iad air soirbheachadh anns na farpaisean sgìreil.

Chaidh duais Sàr Cluicheadair na Gàidhlig gu Ben Caimbeul bho Bhun-sgoil Ghàidhlig Bhaile a' Ghobhainn.

Thuirt Marina Mhoireach bho Chomunn na Gàidhlig gur e farpais air leth a bh' ann is gun robh am ball-coise aig àrd-ìre.

/naidheachdan/bhidio/cgkdpynnlv7o