Bail' ùr an t-Slèibh agus Ceann a' Ghiùthsaich co-ionnan san dearbaidh
Bha coltas nas riaraichte air manaidsear Cheann a' Ghiùthsaich na bha air manaidsear Bhaile Ùr an t-Slèibh às dèidh dhan dà sgioba crìochnachadh co-ionnan Disathairne ann am Prìomh Lìog nam fear.

Dh'fhàg tadhail bho Struan Ros agus Joe Coyle Bail' Ùr an t-Slèibh ann an suidheachadh làidir aig leth-ùine.
Ach air ais dhan tàinig Ceann a' Ghiùthsaich le Roddy Young a' faighinn a' chiad tadhal dhaibh mus d' fhuair Ruairidh MacAnndrais an sgioba aige co-ionnan.
Tha an scòr a' fàgail a' Ghearasdain nan aonar aig mullach na Prìomh Lìog às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Lòbhat 3-1.
Bha deagh là cuideachd aig Camanachd an Òbain às dèidh dhaibh tighinn am bàrr 3-2 an aghaidh na Manachainn.
Bha aon tadhal gu leòr airson Caol Bhòid, a bhuannaich an aghaidh Cheann Loch Seile.
Agus chaidh an geam eadar an t-Eilean Sgitheanach agus Cabar Fèidh a chur dheth air sgàth staid na pàirce ann am Port Rìgh.
Ann an iomain nam ban bha dà gheama san Lìog Nàiseanta.
Rinn Srath Ghlais an gnothach 4-0 air Srath Spè is trì de na tadhail a' tighinn bho Isla Strachan.
Sa gheama eile 's e 3-3 a bh' ann eadar Obar Dobhair is Gleann Garadh.