Taghadh Cairteal Cuairt Dheireannach Cupa na Camanachd
Chaidh an taghadh a dhèanamh Diluain airson cairteal cuairt dheireannach Cupa na Camanachd.

Às dèidh do Cheann a' Ghiùthsaich tighinn am bàrr ann an geama teann le na Sgitheanaich 2-1 air an deireadh-sheachdain, thèid iad an aghaidh na Manachainn anns an ath-chuairt.
Bhuannaich a' Mhanachainn a' chiad gheama aca dhen t-seusan airson faighinn troimhe, is iad a' dèanamh a' chùis air Cabar Fèidh air buillean peanais Disathairne.
Cuideachd, thèid Ceann Loch Seile, a thog an cupa ann an 2021, an aghaidh a' Ghearasdain a th' air a bhith a' dol gu math air an t-seusan-sa.
'S iad Inbhir Aora an aon sgioba air fhàgail san fharpais bhon Lìog Nàiseanta às dèidh dhaibh buannachadh an aghaidh Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal sa chuairt mu dheireadh.
Cuiridh iad a-niste fàilte air Bail' Ùr an t-Slèibh san ath-chuairt.
Agus sa gheama mu dheireadh, thèid Lòbhat an aghaidh Camanachd an Òbain.
Thèid na geamaichean a chluich air an 12mh là den Iuchar.
Cairteal Cuairt Dheireannach Chupa na Camanachd
A' Mhanachainn - Ceann a' Ghiùthsaich
Ceann Loch Seile - An Gearasdan
Inbhir Aora - Bail' Ùr an t-Slèibh
Lòbhat - Camanachd an Òbain