Baile Ùr an t-Slèibh a' dol a Phort Rìgh an Cupa MhicThà mhais
Cuiridh Camanachd an Eilein Sgitheanaich fàilte air Bàile Ùr an t-Slèibh sa chiad chuairt de Chupa MhicThàmhais is Comann na Camanachd air fiosrachadh an taghaidh a sgaoileadh.

Am measg nan geamaichean eile sa chiad chuairt tha Ceann a' Ghiùthsaich, a tha air Cupa MhicThàmhais a bhuannachadh san trì bliadhna mu dheireadh, a' cur fàilte air a' Mhanachainn.
Tha geama tarraingeach eile eadar dà sgioba bhon Phrìomh Lìog is Lòbhat an aghaidh Chabar Fèidh.
Tha an taghadh gu lèir mar a leanas:
Cupa MhicThàmhais - A' Chiad Chuairt
Srath Ghlais - Cill Mhàilidh
Gleann Urchadain - Inbhir Nis
An t-Eilean Sgitheanach - Baile Ùr an t-Slèibh
Ceann a' Ghiùthsaich - A' Mhanachainn
Lòbhat - Cabar Fèidh
Thèid An Gearasdan, Ceann Loch Seile is Loch Abar dìreach dhan dàrna chuairt.
Bidh a' chuairt dheireannach aig Pàirc a' Bhucht - far a bheil obair sgeadachaidh an-dràsta a' leantainn - air an 14mh den Ògmhios.