Main content

Eachdraidh Craoladh nan Gàidheal. (History of Gaelic Broadcasting)

Chaidh a' chiad phrògram Gàidhlig a chraobh-sgaoileadh air an radio anns an Dùbhlachd 1923. 'S e seirbheis adhraidh a bha ann. Chaidh an craobh-sgaoileadh am meud gus an robh òrain agus ceòl nan Gàidheal ann cuideachd, agus thòisich naidheachdan anns a' Ghàidhlig ri linn Cogadh Hitler, seirbheis a fhuair fàilte mhòr. Bho là nan radio chriostail dh'fhàs craobh-sgaoileadh Gàidhlig gu mòr air radio. Ann an 1979 chaidh ionad-craolaidh ùr ann an Steòrnabhagh fhosgladh agus o chionn 1996, mar thoradh air leudachadh agus atharrachadh eile a' chraolaidh tha an t-seirbheis Ghàidhlig a-nis ri fhaighinn le 90% dhen t-sluagh ann an Alba.

Tha sinne a' craoladh mu 65 uair a thìde gach seachdain de sheirbheis Radio nan Gaidheal (103.5 -105 FM) - agus còrr math is 100 uair a thìde de thelebhisean Gàidhlig sa bhliadhna air ÃÛÑ¿´«Ã½ AON is DHÅ”. Tha measgachadh seòrsa prògraim air gach seirbheis agus 's e ar n-amas gach meur de ar luchd èisteachd is amhairc a fhrithealadh. Tha an làrach-lìon a' meudachadh ar n-adhartasan craolaidh gu ruige seo.

The first Gaelic radio broadcast, a religious service, was transmitted in December 1923. The service expanded to include the songs and music of the Gael, and during the Second World War a most welcome news bulletin in Gaelic was introduced. Gaelic radio has expanded dramatically since the early days of the crystal receiver. The up-to-date station of Radio nan Eilean was opened in Stornoway in October 1979, and since 1996, transmitter expansion and the rearrangement of frequencies has meant that 90% of the audience in Scotland can now enjoy a comprehensive Gaelic radio service.

We broadcast for about 65 hours each week on Radio nan Gaidheal (103.5 -105 FM) - and over 100 hours of Gaelic language television programmes each year on ÃÛÑ¿´«Ã½ ONE and ÃÛÑ¿´«Ã½ TWO. Each service has a range of programmes and it is our aim to serve all of our varied audience and viewing public. The website is the latest addition to our broadcasting achievements.